Iain Bunian (1628-88)

Iain Bunian (1628-88)
Scots Gaelic version of "Pilgrim's Progress" by John Bunyan

Friday, October 22, 2010

Earrann 2

An sin thuirt Cobhair ris: "Thoir dhòmhsa do làmh."
Tha strì eadar Crìosdaidh is Ceann-làidir mu anam Shocharaich.
     An sin thuirt Socharach: Na dèan! Ma tha 'n fhìrinn aig Crìosdaidh còir, is fheàrr na nithean a tha e sireadh na na nithean a tha againne. Tha mo chridhe a' togail as dèidh mo choimhearsnaich.
     CEANN-LÀIDIR: Ciod! An tuilleadh amadain! Gabh mo chomhairlse agus till. Cò aige tha fios càite an treòraich a leithid sin de ghaoithean thu? Air t' ais, air t' ais, agus bi glic.
     CR.: Thig còmhla rium, a Shocharaich, a nàbaidh; Tha nithean mun do labhair mi rin seilbheachadh, agus iomadh glòir a bharrachd. Mur creid thu mise, leugh an leabhar so; oir chan eil facal ann nach eil air a dhaingneachadh mar fhìrinn le fuil an tì a rinn e. [Eabh, 9. 17-21]

Tha Socharach deònach a dhol còmhla ri Crìosdaidh.
     Seadh, a choimhearsnaich, Ceann-làidir, arsa Socharach. Tha mi tighinn gu co-dhùnadh air a' chùis. Tha rùn orm a dhol còmhla ris an duine chòir seo, agus mo chrannchur a ghabhail maille ris. Ach mo charaide math, a bheil eòlas na slighe agad, a dh'ionnsaigh an ionaid sin air a bheil do mhiann?
     CR.: Tha mi air mo sheòladh, le fear dan ainm Soisgeulach, dèanamh air geata beag a tha romhainn, far am faigh sinn eòlas na slighe.

Thill Ceann-làidir le sgallais.
     SOCH.: Tiugainn, ma-tà, a dheagh choimhearsnaich, biomaid a' dol. An sin dh'fhalbh iad an cuideachd a chèile.
     "Agus tillidh miso dhachaidh," arsa Ceann-làidir. Cha bhi mi nas fhaide am chompanach aig balaich bhaoth sheachranach.
     A-nis chunnaic mi as mo chadal, an uair a thill Ceann-làidir dhachaigh, gun ghabh Crìosdaidh agus Socharach tarsaing an lèana, is iad a' co-labhairt; agus seo mar a thòisich iad air an còmhradh.
     CR.; Seadh, a Shocharaich, a nàbaidh, dè do chor? Tha mi toilichte gun ghabh thu chomhairle thighinn còmhla rium. Nan robh Ceann-làidir e fhèin air faireachadh na dh'fhairich mise de chumhachd agus de uamhann na nithean a tha fhathast as ar sealladh, cha robh e air tionndadh air a shàil agus a chùl a thoirt duinn cho tàireil.
     SOCH.: Agus a-nis, a Chrìosdaidh, o nach eil ann ach sinn fhèin nar dithis, innis dhomh tuilleadh: mu na nithean a th'ann; ciamar a gheibhear seilbh orra; an t-àit a bheil sinn a' dol.
  
Tha nithean Dhè do-labhairt. 
     CR.: Is usa dhomh smaoineachadh orra lem inntinn na luaidh orra le mo theangaidh; ach a dh'aindeoin sin, seach gu bheil thu dèidheil air an tuilleadh eòlais, leughaidh mi mun deidhinn as mo leabhar.
     SOCH.: Ach a bheil thu 'n dùil gu bheil briathran do leabhair tur cinnteach?
     CR.: Thà, gun teagamh, is e air a dhèanamh leis an tì nach urrainn breug a dhèanamh. [Titus 1:2]
     SOCH.: Chan urrainn nas fheàrr. Dè na nithean a tha ann?
     CR.: Tha rìoghachd gun chrìoch gu bhi againn, agus beatha shìorraidh gu bhi air a toirt duinn, a chum 's gun gabh sinn còmhnaidh san rìoghachd sin gu sìorraidh. [Isa. 45:17; Eòin 10:27-29]
     SOCH.: Chan urrainn nas fheàrr; agus ciod tuilleadh ?
     CR.: Tha crùintean glòire gu bhi air an toirt duinn; agus trusgain anns an dealraich sinn mar a' ghrian an speuran nèimh. [2 Tim. 4:8; Taisb. 22:5; Mata 13:43]
     SOCH.: Tha sin tuilleadh is math; agus ciod tuilleadh?
     CR.: Bidh crìoch shìorraidh air gul is bròn; oir tiormaichidh an tì leis an leis an t-àite gach deur o ar sùilean. [Isa. 25:8; Taisb. 7:16,17; 21:4]
     SOCH.: Agus ciod e chuideachd a bhios againn ann?
     CR.: Bidh sairifich is cearubaich ann còmhla ruinn – creutairean a bheir ruith phriobadh air ar sùilean leis cho deàlrach 's a tha iad. Tachraidh na mìltean riut ann, seadh agus na deich mìltean, a chaidh dhachaigh romhainn. Tha iad gu lèir gràdhach agus naomh – chan urrainn iad cron air bith a dhèanamh. Tha iad gu lèir a' gluasad an làthair Dhè, agus an seasamh na fhàbhar gu sìorraidh. An aon fhacal, chì sinn an siod na h-èildeirean len crùintean òir; na h-òighean naomha len clàrsaichean òir. An siod chì sinn daoine a bha air an gearradh nam pìosan leis an t-saoghal, air an losgadh sna lasraichean, air an ithe le fiadh-bheathaichean, air am bàthadh san fhairge, air son an teas-ghràdh do Thighearna an àite: an siod tha iad gu lèir slàn fallain, agus neo-bhàsmhorachd orra mar thrusgan. [Isa. 6:2; I Thes. 4:16,17; Taisb. 5:11; 4:4; 14:l-5; Eòin 12:25; 2 cor. 5: 2,3,5]
     SOCH.: Is leòr do sgeula a chum cridhe a lìonadh, 's a chur thairis, le aoibhneas. An e gum meal duine na nithean sin? Ciamar a gheibh sinne seilbh orra?
     CR.: Tha sin aig an Tighearna, uachdaran na tìre, air a sgrìobhadh na leabhar. Is e sin, am beagan bhriathran: Ma tha duine dha-rìribh deònach a ghabhail, bheir esan dha e an asgaidh. [Isa. 55:1,2 ; Eòin 6:37; 7:37; Taisb. 21:6; 22:17]
     SOCH.: Glè mhath, a dheagh nàbaidh. Is mise a tha air mo dhòigh, ag èisteachd ris na nithean sin. Seo! Tarraingeamaid ar ceum.
     CR.: Chan urrainn mi dhol cho luath 's bu mhath leam, 's an t-eallach seo air mo mhuin.
   
Slochd na Mì-mhisneachd.
    A nis chunnaic mi as mo chadal, dìreach nuair a chuir iad crìoch air a' choluadair seo, gun tàinig iad air bogalach làthaich a bha am meadhon a’ chòmhnard, agus a chionn nach robh iad nan aire, thuit iad le chèile gu h-obann anns an t-sùil-chruthaich. B'e ainm na sùil-chruthaich Mì-mhisneachd. An sin bha iad ag aonagraich car greis, agus air an lonoicneadh anns an t-salchar. Cha b'fhada gus an do thòisich Crìosdaidh a' dol fodha anns an làthaich, le trom chudthrom an eallaich a bha air a mhuin.
     An sin thuirt Socharach: "Och, a Chrìosdaidh, a nàbaidh, càit a bheil thu nis?"
     "Gu dearbh," arsa Crìosdaidh, "is beag m' fhios."
    
Cha leòr a bhi socharach.
     Leis a sin thòisich Socharach a' fàs diombach, agus is e thuirt e ri chompanach, le frionas: "An e so an sonas air an robh thu luaidh riumsa fad na h-ùine ud? Ma tha leithid so a thubaist a' tighinn nar car san dol a-mach, ciod nach fhaod dùil a bhi ris mun ruig sinn an ceann-uidhe? Faigheamsa as a seo le mo bheatha, agus is leat fhèin nad aonar tìr an àigh ud, air mo shonsa dheth. Leis an sin thug e ionnsaigh dhùrachdach no dhà, agus fhuair e mach air an taobh a b'fhaisge air a dhachaigh; agus a-mach a ghabh e, is chan fhaca Crìosdaidh tuille e.

Crìosdaidh sa chàs, ach a’dèanamh air an taobh a b’fhaide o dhachaigh.
     Mar sin bha Crìosdaidh air fhagail air a dhlò a' cur nan car dheth am breunloch na Mì-mhisnich na aonar; ach ged a bhà, rinn e dìcheall air e fhèin a shlaodadh gus an taobh ud a b'fhaide o thaigh fhèin, agus a b'fhaisge air a' gheata chumhang. Chaidh aige air a sin, ach cha b'urrainn e e fhèin a thoirt as, leis an eallach a bha air a mhuin; ach chunnaic mi am aisling gun tàinig fear far an robh e d'am b'ainm Cobhair, agus gun dh'fhaighnich e dheth gu dè bha e dèanamh an siod.
     "A dhuin' uasail," arsa Crìosdaidh, "thug fear d'am b'ainm Soisgeulach, comhairle orm an rathad seo a ghabhail, agus sheòl e mi a dh'ionnsaigh a' gheata ud thall, a chum gun rachainn as on fheirg a tha ri teachd. Agus mar a bha mi tighinn air mo shlighe thuit mi an seo."

Na geallaidhean.     
     COBH.: Ach carson nach do rinn thu air an staran ?
     CR.: Bha mi air mo ruagadh cho dian le eagal 's gun ghabh mi an rathad bu ghiorra, agus thuit mi an seo.

Thug Cobhair as e.
     COBH.: An sin thuirt e: "Thoir dhòmhsa do làmh." Mar sin thug e dhà a làmh, agus tharraing e as e, agus chuir e na sheasamh air talamh cruaidh e, agus thuirt e ris gabhail air adhairt. [Salm 40:2]

Dè tha dèanamh Slochd na Mì-mhisnich.
     An sin thug mi ceum far an robh am fear a tharraing as e, agus thuirt mi ris: "A dhuin' uasail, dè is coireach, 's gur h-ann tarsainn air an àite seo a tha an t-slighe o Bhaile an Lèirsgrios a dh'ionnsaigh a' gheata ud thall, nach eil an toll so air a chàradh, a chum 's gum faodadh creutairean bochda a bhios a' triall oirre siubhal ann an tèarainteachd?" Agus thuirt e rium: Is e tha anns an t-sùil-chruthaich seo aite nach gabh càradh. Is e so an t-àite a dh'ionnsaigh a bheil gach còbhar is salchar a tha an cois dearbhadh peacaidh, an còmhnaidh a' sìoladh. Is ann air son sin a tha e air a shloinneadh, Slochd na Mì-mhisnich. Tha thu faicinn: mar a tha peacach air a dhùsgadh gu mothachadh air a staid chaillte, tha iomadh eagal agus teagamh a' togail cinn na anam, smuaintean mì-mhisnich cuideachd, agus tha iad gu lèir a’ cruinneachadh agus a' tàrmachadh san àite so. Is e sin as coireach gu bheil an grunnd so cho olc.
     Chan e toil an rìgh idir nach eil an t-àite so air a chur am feabhas [Isa. 35:3,4]. Le òrdugh luchd-grèidhidh an rìgh tha luchd-saoithreach ag obair air a’ mhìr talmhainn seo fad còrr is sia ceud deug bliadhna, ach an tèid aca air a chàradh. Seadh, ars esan, agus lem fhiosrachadh fhèin, cha lugha na fichead mìle cart a shluig an t-àite --milleanan de theagasg fhallain -- a bha air an toirt a shamhradh 's a gheamhradh as gach ceàrna de ìmpireachd an rìgh (agus tha daoine eòlach ag ràdh gur e siod an stuth as fheàrr air bith chum grunnd math a dhèanamh dhen àite) ach an gabhadh e càradh. Gidheadh, is Slochd na Mì-mhisnich e fhathast, agus mar sin mairidh e a dh'aindeoin dìchill.
    
Mathanas is beatha tre chreidimh an Crìosd
     Tha gun teagamh, le seòladh an àrd fhear-lagha, staran math cinnteach air a shuidheachadh tre theis-meadhon a' bhreunloch so, ach tha amannan ann, mar an droch aimsir, 's tha an t-àite seo a' brùchdadh a-mach a leithid a shalchar 's gur gann is lèir do neach an staran sin. Eadhon an uair a dh’fhaodar fhaicinn tha daoine, tre luairean an cinn, ga chall, agus cha bhi dìth claoidh orra sa chlàbar an uair sin, a dh’aindeoin feabhas an starain. Ach aon uair ‘s gu faigh iad a-steach air a' gheata chumhang tha fonn math fon cois. [1 Sam. 12:23]

Coimhearsnaich a’ cèilidh air Socharach, is e air tilleadh dhachaigh.
     Ach a nise, chunnaic mi am bhruadar gun d'fhuair Socharach air ais dhachaigh mun àm seo. Mar sin thàinig a choimhearsnaich a chèilidh air. Thuirt cuid aca gun robh e glic a thighinn air ais; cuid nach robh ann ach an t-amadan an uair a dh'earb e e fhèin ri Crìosdaidh; rinn cuid eile fanaid air airson a ghealtachd -- seach gun ghabh e os làimh idir e nach robh ann ach buigneag toirt thairis airson càs no dhà tachairt ris -- ach bha Socharach gu diùid nam measg. Mu dheireadh ghlac e an tuille muinghinn, agus an sin chuir iad car eile nan teangaidh, agus 's ann a shìn iad air tàir a thoirt do Chrìosdaidh bochd, air cùl a chinn. Is leòr siod air Socharach.