Iain Bunian (1628-88)

Iain Bunian (1628-88)
Scots Gaelic version of "Pilgrim's Progress" by John Bunyan

Monday, October 25, 2010

Earrann 4

Crìosdaidh fo eagal gun tuiteadh Beinn Shinai air a cheann.
     Mar so dh'fhàg Crìosdaidh a shlighe gu dhol gu taigh Mhgr. Laghalachd, a dh'iarraidh cobhair; ach ma dh'fhàg cha luaithe a ràinig e àrainn a' chnuic, na chunnaic e i cho àrd, agus i cho cas os cionn an rothaid, is nach dùirigeadh Crìosdaidh a dhol na b'fhaide, mun tuiteadh an cnoc air a cheann. Air an adhbhar sin stad e an làrach nam bonn, gun fhios dè a dhèanadh e. Chan e sin, ach cha do mhothaich e an t-eallach a riamh cho trom 's a bha e an uair ud. Is e na sheasamh air a' bhad ud thàinig lasraichean teine a-mach as a' chnoc is ghabh Crìosdaidh eagal gum biodh e air losgadh. Bhris e mach ann am fuar-fhallas, agus chaidh e air chrith le eagal [Ecs. 19:16,18; Eabh. 12:21]. Bhuail a chogais e nise, gun tug e spèis a riamh do chomhairle Mhgr. Gliocas-saoghalta.

Fhuair Soisgeulach Crìosdaidh aig Beinn Shinai.
     An ath shùil dhan tug e, cò chunnaic e ach Soisgeulach a' tighinn an taobh a bha e; ach an uair a chunnaic 's ann a lion rudhadh nàire a ghnùis. Mar sin thàinig Soisgeulach na b'fhaisge agus na b'fhaisge, agus an uair a thàinig e far an robh e, b'ann le sùil cholgach agus gnùis ghruamach a dh'amhairc e air, agus b'ann air an dòigh seo a chaidh e an còmhradh Chrìosdaidh.

Soisgeulach a’ strì as ùr ri Crìosdaidh.
     Dè do ghnothaich an seo a Chrìosdaidh? thuirt e. Cha robh fhios aig Crìosdaidh ciamar a fhreagradh e a' cheist, agus cha robh air, ach seasamh na thost. A thuille air a sin, thuirt Soisgeulach: Nach tusa an duine a fhuair mi a' gul air taobh a-muigh ballachan Baile an Lèirsgrios?
     CR.: Is mise an duine, ler cead.
     SOISG.: Nach do chuir mi air an t-slighe gus a' gheata chumhang thu?
     CR.: Rinn sibh sin cuideachd, arsa Crìosdaidh.
     SOISG.: Agus dè as coireach gun deach thu air iomrall cho aithghearr? Oir tha thu air seachran gun teagamh.
     CR.: An uair a fhuair mi mach à Slochd na Mì-mhisnich, thachair duin' uasal rium, a thug orm a chreidsinn, gum faodainn fear fhaotainn anns a' chlachan a tha romham, a b'urrainn m'eallach a thoirt dhìom.
     SOISG.: Ach cò fear a bh'ann?
     CR.: Bha coltas duin' uasail air, agus bha mòran aige ri radh rium, gus an tug e orm mu dheireadh gèilleadh: mar sin thàinig mi an seo, ach an uair a chunnaic mi an cnoc seo, agus am faomadh a th'ann os cionn an rothaid, stad mi mar a bh'agam, air eagal gun tuiteadh e air mo chlaigeann.
     SOISG.: Dè thuirt an duine uasal sin riut?
     CR.: Thuirt, dh'fhaighnich e dhìom càit an robh dùil agam a dhol agus dh'innis mi dha.
     SOISG.: Seadh, agus dè tuille?
     CR.: Dh'fhaighnich e an robh teaghlach agam, agus dh'innis mi sin dha. Ach, thuirt mi gun robh mi air mo chlaoidh cho mòr leis an eallach a th'air mo mhuin 's nach b'urrainn mi tlachd a ghabhail annta mar a b'àbhaist dhomh.
     SOISG.: Seadh, agus dè tuille?
     CR.: Thug e chomhairle orm faotainn cuidhteas m'eallach cho luath 's a b'urrainn mi; agus thuirt mi ris gur e sin an aon nì a bha dhìth ormsa. "Agus," arsa mise, "is ann air son sin a tha mi dèanamh air a' gheat ud thall, ach am faigh mi an tuille seòlaidh a dh'ionnsaigh an àite 's am faigh mi fuasgladh." An uair sin thuirt e gun sealladh esan dhomh slighe a b'fheàrr, slighe ghoirid, nach robh idir cho duilich ris an t-slighe air an do chuir sibhse mi: " slighe," ars esan " a bheir thu gu taigh duin' uasail, a tha ealanta air fuasgladh a leithid sin a dh'eallach." Is e thachair gun tug mi creideas dha, agus dh'fhàg mi an t-slighe, agus ghabh mi an rathad seo, le dùil ri faochadh aithghearr. Ach an uair a ràinig mi seo, agus a chunnaic mi nithean mar a tha iad, mar a thuirt mi, stad mi le eagal a' chunnairt: agus a-nise chan eil fhios agam gu dè a nì mi.
     An sin thuirt Soisgeulach: " Stad greiseag ach a nochd mise dhut briathran Dhè." Mar sin sheas e is e air chrith. An sin thuirt Soisgeulach: "Thugaibh an aire nach diùlt sibh esan a tha labhairt; oir mura deachaidh iadsan as a dhiùlt an tì a labhair o Dhia riu air thalamh, is lugha gu mòr na sin a thèid sinne as, ma thionndaidheas sinn air falbh uaithe-san a tha labhairt o nèamh" [Eabh. 12:25]. A thuille air a sin thuirt e: "A-nis bidh am fìrean beò tre chreidimh; ach ma philleas neach sam bith air ais, cha bhi aig m'anamsa tlachd ann" [Eabh. 10:38]. Agus so am feum a rinn e dhiubh: "Is tusa an duine a tha nad dheann gu truaighe. Tha thu air tòiseachadh air tàir a dhèanamh air comhairle an Tì as Àirde, agus air do chas a thionndadh o shlighe na sìthe, air chor 's gu bheil thu an cunnart do lèirsgrios."
     Leis an sin thuit Crìosdaidh aig a chasan, an riochd mairbh, is an glaodh na bheul: "Mo thruaighe mi, chaidh às dhomh!" An uair a chunnaic Soisgeulach sin rug e air air a làimh dheis, agus e 'g radh: "Maithear gach peacadh agus gach toibheum do dhaoine" [Mata 12:31]. "Na bi mì-chreidmheach ach creidmheach" [Eòin 20:27]. Leis a sin thàinig rudeigin de bheòthachadh air Crìosdaidh, agus dh'eirich e na sheasamh, is e air chrith mar a bha e roimh, an làthair Shoisgeulaich.

Nuair a bheir Crìosdaidhean cluas
do dhaoine feòlmhor baoth,
As an slighe thèid iad
is pàighidh air a shon gu daor;
Oir cha nochd Gliocas-saoghalta
do aon naomh an ròd,
Ach slighe threòraicheas
gu tràillealachd is bròn.
    
Soisgeulach a’ dèanamh iomradh air Gliocas-saoghalta
     Lean Soisgeulach air adhart mar seo: Thoir an tuille aire do na nithean a their mi riut. Innsidh mi dhut cò e a thug do char asad, agus cò dh'ionnsaigh a chuir e thu. B'e an duine a thachair riut fear d'an ainm Gliocas Saoghalta: is airidh air ainm e: a dh'aon chuid, is e nithean an t-saoghail seo a-mhàin as miann leis (agus air son sin is ann a Bhaile nam Beus a bhios e dol a dh'eaglais), agus a chuid eile, is e sin an teagasg as dòcha leis, a chionn gu bheil e dol eadar e is an Crann-ceusaidh. Is ann a chionn e bhi den nàdar fheòlmhor seo a tha e strì ri bhi fiaradh mo shlighean-sa, ged is ceart iad [Eòin 4:5; Gal. 6:12]. A-nis is e do chuid fìor ghràin a bhi agad do thrì nithean an comhairle an duine sin:
l. Gun do chuir e air seachran thu.
2. Gun dh'fheuch e ri cur eadar thu 's an Crann-ceusaidh.
3. Gun do chuir e thu air slighe anns nach eil ach bàs air a fhrithealadh.
     An toiseach: Is e do chuid gràin a bhi agad don nì seo, do chur air seachran, seadh agus gun chuir thu fèin d'aonta ris, oir is ionann sin is comhairle Ghliocas-saoghalta a ghabhail a roghainn air comhairle Dhè. Tha an Tighearna ag radh: "Dèanaibh spàirn chruaidh gu dhol a steach air a' gheata chumhang" -- an geata dh'ionnsaigh a bheil mi gad chur -- "oir is cumhang an doras tha treòrachadh a chum beatha, agus is tearc iad a tha 'g amas oirre"[Lu. 13:24; Mata 7:13,14]. Is ann on gheata bheag chumhang seo, agus on rathad da ionnsaigh, a thionndaidh an duine grànda ud do cheum agus d'aghaidh, gus an do theab thu d'anam a chall. Mar sin biodh fuath agad don nì sin, gun chuir e air seachran thu, agus gràin dhut fhèin, a chionn cluas a thoirt da.
     A-rithist: Is e do chuid gràin a bhi agad air an oidhirp a rinn e air cur eadar thu agus an Crann-ceusaidh, oir is mithich gur h-fheàrr leat e na ionmhas na h-Eiphit. Agus nach duirt rìgh na Glòire riut: an neach leis an àill a bheatha dhìon caillidh e i. Agus cuideachd: an tì a leanas mise agus nach fuathaich athair is mathair, bean is clann, bràithrean is peathraichean, seadh agus a bheatha fhèin cuideachd, chan urrainn e bhi na dheisciobail dhòmhsa [Eabh. 11:25,26; Marc 8:38; Eòin 12:25; Mata 10:39; Lu.14:26]. Air an adhbhar sin their mi: gun dèanadh fear oidhirp air a thoirt ort a chreidsinn, nach eil ach bàs anns an nì sin a tha an Fhìrinn a' cur an cèill nach urrainn do neach beatha mhaireannach a bhi aige as aonais: sin teagasg air am feum thu gràin a bhi agad.
     Agus a-rithist: is e do chuid gràin a bhi agad air gun deach aige air do chasan a thionndadh gu slighe bàis. A chum na crìche sin, thig dhut beachd a ghabhail air cò thige a chuir e thu, agus cho beag comas 's a bha aig an duine sin air cobhair a thoirt dhut o t'eallach.
     Is ann a dh'ionnsaigh fear d'an ainm Laghalachd a chuir e thu, gus am faigheadh tu faochadh. Is e ban-tràill bu mhàthair dha, agus a tha fo dhaorsa, i fhèin 's a clann [Gal. 4:21-27], agus ged is dìomhaireachd e, chan aon eile i ach a' bheinn Shinai seo, rona ghabh thu eagal gun tuiteadh i air do chlaigeann. A-nise ma tha i fhèin agus a clann ann an daorsainn, ciamar is urrainn dùil a bhi agad gun cuir iad thusa saor? Chan urrainn am fear-sa, ma-thà, faochadh a thoirt dhutsa od eallach. Cha tug e saorsa eallaich do dhuine a riamh, agus cha ruig a leas dùil a bhi gun toir. Chan eil innleachd air gum biodh duine air fhìreanachadh le oibre an lagha. Chan eil duine beò a gheibh cuidhteas eallach le gnìomharan an lagha. Mar sin chan eil an Gliocas-saoghalta ach fear conadail, agus cha mhò a tha am Mgr Laghalachd ach fear nan car, agus airson a mhic Suairceas dheth, chan eil annsan ach an cealgaire air a shùil, air cho bainde 's gu bheil e, agus fear nach urrainn fuasgladh a dhèanamh air do leithidsa. Creid thusa mise, chan eil nì anns an othail sin a chuala tu aig na daoine truagh ud, ach aon ionnsaigh air do thèarnadh a mhealladh uat, le do chur a-mach às an rathad air an do sheòl mise thu.
     An sin thog Soisgeulach a ghuth ris na nèamhan, ach am fìreanaicheadh iad e anns na thuirt e. Leis a sin chualas briathran, agus bhris lasraichean a-mach as a' bheinn ud, a chuir a leithid a dh'uamhann air Crìosdaidh bochd, 's gun dh'èirich fhalt air a cheann. Seo mar a bha na briathran a chualas: "A mheud 's a tha a dh'oibre an lagha tha iad fon mhallachadh; oir tha e sgrìobhte: is mallaichte gach neach nach buanaich anns na h-uile nì a tha sgrìobhte, ann an leabhar an lagha chum an dèanamh" [Gal. 3:10].