Iain Bunian (1628-88)

Iain Bunian (1628-88)
Scots Gaelic version of "Pilgrim's Progress" by John Bunyan

Thursday, July 12, 2012

Earrann 6


Crìosdaidh sgìth dhe eallach.
     An sin chunnaic mi as mo chadal gun dh’fhaighnich Crìosdaidh dheth cuideachd, an robh na chomas cobhair a dhèanamh air na oidhirp air eallach fhuasgladh bhàrr a dhroma. Oir cha robh e air faotainn cuidhteas e fhathast. Cha mhò bha dol aige dheth, gun chobhair o chuideigin eile. Is e do chuid gabhail leis gus an ruig thu àite na saorsa. Ann an sin tuitidh e dhiot leis fhèin.           

Chan eil dol às o chiont, is eallach peacaidh, ach tre bhàs is fuil Chrìosd.
    An sin thòisich Crìosdaidh air teannachadh a chrios, agus air a fhèin a sgioblachadh air son a thurais. An sin thuirt am fear eile ris, gun tigeadh e, mun àm am biodh e air dol greis on doras chumhang, am fianais taigh an Fhir-mhìneachaidh, far am buaileadh e aig an doras, agus far am faiceadh e nithean ro luachmhor. An sin dh'fhàg Crìosdaidh beannachd aig a charaid, agus ghuidh a charaid deagh shoirbheachadh Dhè a bhi air.

Crìosdaidh aig taigh an Fhir-mhìneachaidh.
     An sin ghabh e roimhe gus an do ràinig e taigh an Fhir-mhìneachaidh. Bhuail e an doras uair is uair gus mu dheireadh an d'thàinig cuideigin a dh'fhaighnich cò bha 'n sud.           
     CR.: Tha, fear a tha gabhail na slighe, agus leis 'm bu mhaith facal air fear an taighe. Thug caraid dha comhairle orm tadhall, agus gum biodh e chum mo leas.
     Mar sin ghairmeadh air fear an taighe; agus an ceann tiota thàinig e, agus dh'fhaighnich e de Chrìosdaidh ciod a bha dhìth air.
      "Le ur cead," arsa Crìosdaidh, “tha mi air mo shlighe o Bhaile an lèirsgrios gu Beinn Shioin. Thuirt am fear a tha 'n urra ris a' gheata, a th'aig ceann a staigh an rothaid seo, rium, nan tadhailinn an seo gu nochdadh sibhse dhomh nithean brèagha a bhiodh feumail dhomh air an t-slighe."

Soillseachadh. Tha e air a theagasg.
     An sin thuirt am Fear-mìneachaidh: Thig a steach! Seallaidh mi dhuit nithean as fheàirrde tu. Thuirt e an sin ri a sgalaig coinneal a lasadh, agus dh'iarr e air Crìosdaidh an leantainn.

Dealbh fìor dhuine uasal.
     Thug e steach e do sheòmar uaigneach, agus an uair a dh'fhosgail an sgalag doras, chunnaic e dealbh duine mhaith, an crochadh air a' bhalla: duine 's a shùilean a' sealltainn suas, taghadh gach leabhair na làimh, lagh na fìrinn air a bhilean, an saoghal air a chùlaibh, na sheasamh mar gum biodh e cur ìmpidh air daoine, agus crùn òir an crochadh os a chionn. An sin thuirt Crìosdaidh: "Dè as ciall don dealbh seo?"
     AM FEAR.: Sin dealbh fir à mìle. Is urrainn e ràdh am briathran an Abstoil: "Oir ged bhiodh deich mìle luchd-teagasg agaibh ann an Crìosd, gidheadh chan eil agaibh mòran athraichean; oir ann an Iosa Crìosd ghin mise sibh tron t-Soisgeul. Mo chlann bheag, air a bheil mi a-rithist ri saothair, gus an dealbhar Crìosd annaibh." [1 Cor. 4:15; Gal. 4:19]

Brìgh an deilbh.           
     Mar a chì thu e 's a shùilean air an togail suas gu nèimh rogha gach leabhair na làimh, lagh na fìrinn air a bhilean, tha sin gu bhi sealltainn dhuit gur h-e as gairm dha, eòlas a bhi aige air nithean dorcha, agus an dèanamh soilleir do pheacaich --dìreach mar a chì thu e mar gum biodh e a' cur ìmpidh air daoine. Mar a tha thu faicinn an saoghal air a thilgeadh air a chùlaibh, agus an crùn an crochadh os cionn a chinn, tha sin a' nochdadh dhuit gu bheil e, le bhi dèanamh beagan ‘s tàir air na nithean a tha làthair, le meud a ghràidh do sheirbhis a Mhaighistir, gu bheil e cinnteach à glòir mar a dhuais san t-saoghal ri teachd."

Carson a sheall e an dealbh so an toiseach.
     “A-nise, ars am Fear-mìneachaidh, "sheall mi dhuit e an dealbh seo an toiseach, a chionn gur h-e am fear air a bheil seo na dhealbh an aon duine a tha air a ghairm, Ie Tighearna an àite a dh'ionnsaigh a bheil thu triall, gu bhi agad mar fhear-iùil, an càs sam bith san tachair dhuit tuiteam air do thuras. Air an adhbhar sin thoir an ro aire do na sheall mi dhuit, agus taisg na chunna tu nad chuimhne, gun fhios nach tachair cuid riut nad shlighe, a leigeas orra fhèin a bhi nan cinn-iuil, an uair nach eil nan slighe ach am bàs."
     An sin ghabh e air làimh e agus thug e steach e do sheòmar cèilidh mòr a bha làn dust, a chionn nach robh e riamh air a sguabadh. Air dha beachd a ghabhail air, thuirt am Fear-mìneachaidh ri duine an seòmar a sguabadh. Cha bu luaithe a thòisich e na dh'èirich an dust cho tiugh 's gun theab e Crìosdaidh a thachdadh. An sin thuirt am Fear-mìneachaidh ri caileig, a bha làimh ris, uisge thoirt a-steach, agus a chrathadh air an ùrlar. An uair a rinn i sin, chaidh aca air a sguabadh agus air a ghlanadh le tlachd.
     An sin thuirt Crìosdaidh: "Dè as ciall dha seo?"
     Fhreagair am Fear-mìneachaidh: "Is e an seòmar cèilidh seo cridhe an duine, nach d'thàinig a-riamh fo bhuaidh gràs beannaichte an t-Soisgeil. Is e an dust peacadh a nàdair, neòghloine an taobh a-staigh, a shalaich an duine gu lèir. An neach a thòisich air a sguabadh an toiseach, b' e sin an lagh, ach an tè a thug a-steach an t-uisge 's a chrath air e, b' i sin an Soisgeul. Nise chunnaic tu, cho luath 's a thòisich a' cheud fhear air sguabadh, gun thog e an dust air a leithid a dhòigh
's nach bu chomasach dha an seòmar a ghlanadh -- gur h-ann a theab e do thachdadh. Tha seo a' sealltainn gur h-ann a tha an lagh, le oibreachadh, an àite bhi glanadh a' chridhe o pheacadh, ga dhùsgadh 's ga neartachadh, ga chur am meud anns an anam, is e ga thoirt an uachdair, agus ga chronachadh, ged nach toir e cumhachd thairis air. A-rithist, mar a chunnaic tu a’ chaileag a' crathadh uisge air an t-seòmar, agus mar a bha e as dèidh sin air a ghlanadh le tlachd. Tha sin a' sealltainn dhuit: An uair a thig an Soisgeul a-steach don chridhe, le buaidh chaomh agus phrìseil, an uair sin gu bheil peacadh air a chlaoidh agus air a cheannsachadh, dìreach mar a leag a' chaileag an dust le uisge a chrathadh air an ùrlar; agus gu bheil an t-anam air a ghlanadh tre chreidimh an t-Soisgeil, agus an lorg sin air a dhèanamh iomchaidh gun gabhadh rìgh na glòire còmhnaidh ann. [Rom. 7:9; 1 Cor. 15:56; Rom. 5:20; Eòin 15:3; Eph. 5:26; Gn. 15:9; Rom 16:25,26; Eòin 15:13]