Iain Bunian (1628-88)

Iain Bunian (1628-88)
Scots Gaelic version of "Pilgrim's Progress" by John Bunyan

Wednesday, July 18, 2012

Earrann 7

Foighidinn agus Buaireas
Sheall e dha Foighidinn agus Buaireas.
     A thuilleadh air a siud chunnaic mi as mo chadal gun do ghabh am Fear-mìneachaidh air làimh e, agus gun d'thug e steach e do sheòmar beag, far an robh dithis chloinne nan suidhe, gach fear air cathair dha fhèin. B' e ainm an fhir bu shine Buaireas, agus ainm an fhir eile Foighidinn. Bha coltas air Buaireas a bhi cànranach, ach bha Foighidinn solt.

Is àill le Buaireas nithean air ball. Foighidinn deònach fuireach.
     An sin dh'fhaighnich Crìosdaidh, carson a bha Buaireas cànranach. Fhreagair am Fear-mineachaidh: Tha an athair air son gum fanadh iad ris a' chuid as fheàrr gu toiseach na h-ath-bhliadhna. Tha Buaireas air son an t-iomlan fhaotainn air ball, ach tha Foighidinn deònach feitheamh.

Fhuair Buaireas a mhiann is chaith e an t-iomlan an tiota.
     An sin chunnaic mi gun d'thàinig fear gu Buaireas le poca ionmhais, 's gun dhòirt e aig a chasan e: gun thog Buaireas e 's gun rinn e aoibhneas os a chionn -- a' cur a theanga na phluic ri Foighidinn. Cha robh mi fada gabhail ealla ris nuair a chunnaic mi gun robh an t-iomlan aige air a chosg, 's nach robh air fhàgail aige ach na luideagan.
     An sin thuirt Crìosdaidh ris an Fhear-mhìneachaidh: "Cuir tuilleadh solais air a seo dhomh."
     Mar sin thuirt e: "Is samhla gach fear aca siud. Tha Buaireas na shamhla air daoine an t-saoghail seo, agus Foighidinn air daoine an t-saoghail ri teachd. Mar a tha thu faicinn: cha bhi Buaireas air a dhòigh mur faigh e 'n t-iomlan air ball, am bliadhna, is e sin anns an t-saoghal seo. Is ionnan sin is daoine an t-saoghail seo. Cha bhi iad riaraichte mur faigh iad an cuid de nithean maithe a-nise -- chan urrainn iad fuireach gus an ath-bhliadhna, is e sin gus an ath-shaoghal, air son na cuid as fheàrr.

Eun san làimh, sin roghainn duine an t-saoghail.
     Tha barrachd buaidh san dubhfhacal ud dhaibh: "Is fheàrr aon eun san dòrn na dha dheug air iteig," na tha an uile theisteas Dhè, mu shonas an t-saoghail ri teachd. Ach mar a chunnaic thu, gun robh an t-iomlan air a chosg aige an tiota, 's nach robh nì air fhàgail aige ach na luideagan, is ann mar sin a bhitheas e don t-seòrsa ud uile, aig deireadh an t-saoghail seo.

An gliocas as fheàrr aig Foighidinn.
     An sin thuirt Crìosdaidh: "Tha mi nise faicinn gur h-ann aig Foighidinn a tha an gliocas as fheàrr, agus sin airson adhbhar no dhà. (l) A chionn gu bheil e feitheamh ris na nithean as fheàrr. (2) Agus a chionn gum bi glòir aigesan an uair nach bi nì aig an fhear eile ach luideagan."
     Am FEAR: Seadh, is faodaidh tu fear a bharrachd ainmeachadh, eadhon nach teirig glòir an ath-shaoghail a-chaoidh, ach nach eil nithean an t-saoghail seo ach diombuan. Uime sin cha robh mòr-adhbhar aig Buaireas a bhi fanaid air Foighidinn, a chionn gun d'fhuair e a nithean maithe an toiseach, cho maith 's a bhios aig Foighidinn a bhi fanaid air Buaireas, a chionn gun d’fhuair e a nithean maithe air a’ cheann mu dheireadh. Feumaidh a' cheud fhear àite a dhèanamh don fhear mu dheireadh, a chionn gum bi an tìm ri teachd aig an fhear mu dheireadh. Cha bhi aig an fhear mu dheireadh ri àite dhèanamh do neach eile, 's gun neach eile ri thighinn as a dhèidh. Uime sin tha e soilleir gum feum tìm gu cosg a bhi aig an fhear a tha faotainn a chuibhrinn air tùs, ach bidh a chuibhreann a-chaoidh aig an fhear a gheibh mu dheireadh e.

Fhuair Dives a chuid air tùs.
     Mar sin tha e sgrìobhte mun duine shaidhbhir: "Fhuair thusa do nithean maithe ri àm dhuit a bhi beò, agus Lasaras mar an ceudna droch nithean, ach a-nis tha esan a' faotainn sòlais agus tha thusa air do phianadh." [Lùcas 16:25]
     CR.: Tha mi faicinn nach e bhi sanntachadh nithean a tha làthair as fheàrr idir, ach a bhi feitheamh ri nithean a tha ri teachd.

Chan eil na ceud nithean ach diombuan.
     Am FEAR: Tha 'n fhìrinn agad. Chan eil nithean a chithear ach diombuan, ach tha na nithean nach fhaicear sìorraidh. Ged a tha sin mar sin, a chionn gu bheil nithean a tha làthair agus ar miann feòlmhor nan dlùth-choimhearsnaich da chèile, tha iad a' tuiteam an gaol a chèile: air an làimh eile, tha ar miann feòlmhor agus nithean ri teachd nan coigrich da chèile, agus air an adhbhar sin, tha iad a' buanachadh anns an dàimh sin. [2 Cor. 4:18; Ròm. 7:15-25]